Portada

INNEAL NA TìME IBD

FOLLAIS BOOKS
04 / 2025
9781838052423

Sinopsis

Nuair a dh?fhoillsich e The Time Machine ann an 1895, chruthaich H. G. Wells gnè ficsein ùr sa Bheurla. Shoirbhich le Wells gu mòr na sgrìobhadair, gu ìre mar thoradh air a? chliù a choisinn e airson The Time Machine.?S e sgeul-frèam a th? anns an leabhar. Aig toiseach ghnothaichean, èistidh ar neach-aithris ri mìneachaidhean saidheansail (nach tuig e) bhon phrìomh phearsa, nach eil ainmichte uair sam bith san leabhar. ?S e an Siùbhlaiche-tìme a th? aig an neach-aithris air a? charactar èasgaidh seo. Nuair a chanas an Siùbhlaiche-tìme gu bheil e air inneal a dhealbhadh a tha comasach air triall air ais ?s air adhart tro thìm, cha chreid an luchd-èisteachd idir e. Ach, an ath uair a choinnicheas a? bhuidheann aig taigh an t-Siùbhlaiche-tìme, cluinnidh iad sgeulachd a dh?fhàgas e doirbh dhaibh a bhith cho cinnteach.Seo a? chiad uair a chuireadh Gàidhlig air an nobhail. San eagran seo, gheibhear aiste fhada, a tha a? mìneachadh cuid de na dùbhlain a tha an sàs anns a leithid de dh?obair.Tha Moray Watson na àrd-ollamh ann an Oilthigh Obar Dheathain, far am bi e a? teagasg agus a? rannsachadh an dà chuid Gàidhlig agus Eadar-theangachadh. Ann an 2012, dh?fhoillsich Evertype an tionndadh Gàidhlig aige den nobhail Alice?s Adventures in Wonderland. Dh?eadar-theangaich e The Hobbit, a chuireadh an clò le Evertype a-rithist, ann an 2025. A-nis, tha e ag eadar-theangachadh A Study in Scarlet, a thèid fhoillseachadh le Follais ann an 2026.